YoVDO

Bun-chùrsa mu bhith a’ dèanamh atharrachadh poilitigeach is sòisealta

Offered By: The Open University via OpenLearn

Tags

Activism Courses

Course Description

Overview

Save Big on Coursera Plus. 7,000+ courses at $160 off. Limited Time Only!
Thiscourse is also available in English and Welsh.Tha iomadh èiginn mu choinneimh na RA: àrainneachdail, eaconamach, poilitigeach, sòisealta is slàinte. Tha an cùrsa air-loidhne an-asgaidh seo a’ mìneachadh cuid de na prìomh sgilean saoranachd is am fiosrachadh a dh’fheumar gus eadar-theachd a dhèanamh san t-saoghal agus e ag atharrachadh.Bidh e a’ sgrùdadh mar a nithear atharrachadh gu poilitigeach agus gu sòisealta le bhith a’ toirt seachad cùl-fhiosrachadh riatanach airson tòiseachadh, eisimpleirean de luchd-atharrachaidh brosnachail, comhairle air mar a bheirear buaidh taobh a-staigh agus taobh a-muigh poilitigs pàrlamaideach traidiseanta na RA, agus na buadhan a dh’fheumar gus soirbheachadh.Ciamar as urrainn dhutsa atharrachadh a dhèanamh gu poilitigeach no gu sòisealta, do na dùbhlain seo agus do dhùbhlain eile? Ciamar a ghabhas Pàrlamaid na RA a chleachdadh? Ciamar a bheir na pàrlamaidean/tionailean tiomnaichte atharrachadh gu buil? Ciamar as urrainn dhut a bhith nad neach-atharrachaidh?Nì an cùrsa air-loidhne an-asgaidh seo sgrùdadh air com-pàirteachadh poilitigeach is sòisealta agus bidh e a’ toirt stiùireadh is brosnachadh, ge bith dè cho beag, do luchd-atharrachaidh air fad.

Syllabus

  • 1 A bhith nad neach-atharrachaidh
  • 1.1 Dè th’ ann an saoranachd ghnìomhach?
  • 1.2 Mar a thòisichear air atharrachadh a dhèanamh
  • 2 A’ dèanamh atharrachadh tro Phàrlamaid na RA
  • 2.1 Tog do chùis ann am Pàrlamaid na RA
  • 2.2 A’ toirt a’ BhP agad air bòrd
  • 2.3 Dèan athchuinge
  • 3 A’ dèanamh atharrachadh tro na rianachdan tiomnaichte
  • 3.1 Pàrlamaid na h-Alba
  • 3.2 Senedd Cymru (Pàrlamaid na Cuimrigh)
  • 3.3 Seanadh Èireann a Tuath
  • 4 A’ dèanamh atharrachadh cruinneil
  • 5 A’ dèanamh atharrachadh taobh a-muigh poilitigs pàrlamaideach
  • 6 Dè nì neach-atharrachaidh?
  • 6.1 Brosnachadh
  • 7 Thoir sùil air do chuid ionnsachaidh

Tags

Related Courses

How to Change the World
Wesleyan University via Coursera
What Works: Promising Practices in International Development
University of Oslo via FutureLearn
Martin Luther King’s Letter from Birmingham Jail
Acumen Academy
Business in a Political Age
George Washington University via Independent
Language Revival: Securing the Future of Endangered Languages
University of Adelaide via edX